Rubh’ an Dùnain
Rannsaich am baile caillte Sgitheanach seo
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Eunlaith

Bob Mac a’ MhaoileinLe Bob Mac a’ Mhaoilein

Leig e dheth a dhreuchd am Peairt ann an 1999 agus thàinig e dhan Eilean Sgitheanach. Tha ùidh air a bhith aige ann am fiadh-bheathaichean fad a bheatha, gu h-àraid ann an eòin agus tha e air sgrùdadh a dhèanamh air grunn sheòrsachan eòin-creiche, an-dràsta a’ sgrùdadh Clamhan nan Cearc.

Stèidhich e www.skye-birds.com bho chionn 10 bliadhna. Dh’fhoillsich e Skye Birds ann an 2005 agus tha e a’ cuideachadh le Aithisg Bhliadhnail Eunlaith na Gàidhealtachd a dheasachadh.

 

Eunlaith – Cuidich

Ged tha ùidh tric aig daoine a bhios a’ coiseachd ann an eunlaith, chan eil e a’ ruighinn na h-ìre dha mòran far a bheil iad a’ clàradh na h-eòin a chunnaic iad. Tha seo gu math nas fhasa a dhèanamh a-nise le bileagan clàraidh air-loidhne agus appan air fònaichean.

Chan eil Rubh’ an Dùnain idir eadar-dhealaichte bhon chòrr den Eilean Sgitheanach far nach deach ach glè bheag de chlàradh a dhèanamh air eòin. Fiùs nuair a bha sgrùdadh ann airson Atlas nan Eun bho 2007-11 cha deach ach sgrùdadh a-rèir sampaill tetrad a dhèanamh ach anns gach 10cm ceàrnagach is cha deach Rubh’ an Dùnain a chòmhdach.

Ma tha thu a’ coiseachd bho Gleann Breadail gu Rubh’ an Dùnain glè thric chì thu Iolair-bhuidhe no Iolair-mhara. Tha sgrùdadh gu leòr air an dhèanamh air na h-eòin seo is tha fios càite am bi iad a’ briodachadh air an eilean. Ma thèid thu a dh’ionnsaigh nan lochan mòintich ’s dòcha gu faic thu èoin mar an Deoch-bhuigh is an Learg Ruadh. Gu mì-fhortanach chan eil mòran fios againn càite am bi iad a’ briodachadh no dè cho soirbheachail ’s a tha iad agus tha cothroman an seo cuideachadh fhaotainn bho saidheans saoranachail.

Tha FeadaganAs t-samhradh am measg nan eun den ghnè Passeriformes a tha rim faicinn tha an Uiseag, an Gocan, am Brù Geal agus an Clacharan. Tha Feadagan (san dealbh) agus corra Ghille-feadaig air a’ mhòintich. Mu na cladaichean chithear Sgarbh an Sgumain agus Gearra-breac air cuid de na creagan.

Chan eil fada bho thàinig am Fasgadair Mòr agus ma thòisicheas iad a’ toirt ionnsaighean ort tuigidh tu gu bheil eòin a’ briodachadh faisg air làimh. Tha Loch na h-Àirde ann an deagh àite airson eòin a tha a’ dèanamh imrich as t-earrach agus as t-fhoghar.

’S e àite math a th’ann an Rubh’ an Dùnain airson sùil a chumail gu muir as t-earrach agus as t-fhoghar, le Sùlairean, Falcagan agus Fachaich a’ tighinn a-null an tòir air biadh. Tha e coltach gur ann à Hiort a tha na Sùlairean a chithear an seo. ’S ann à Canaigh a tha na Buthaidean, Eòin Dubh a’ Sgadain agus na Coltraichean. Tha na Fachaich Bhàna, tric nan ràthan mòra aig muir, a’ tighinn à Eilean Rhum far a bheil na colonaidhean aca cudromach gu h-eadar-nàiseanta.

Anmoch as t-earrach bidh Fasgadairean Stiùireach agus Fasgadairean Donna rim faicinn is iad a’ siubhal suas an costa an iar. Tric, ’s ann ri linn droch shìde a nochdas annasan.

A dh’aindeoin seallaidhean de Mhucan-mara Mionc, Cearbain, agus grunn shèorsachan Leumadairean chan eil daoine fhathast air tuigsinn cho math ’s a tha Rubh’ an Dùnain airson sùil a chumail taobh na mara.

Tha làithean geamhraidh goirid agus ’s ann air oir a’ fhearainn as trice a chìthear eunlaith. Bidh an Trìlleachan Beag agus corra Luatharan Rìoghail a’ tadhal bho tuath. Nochdaidh am Muir-bhuachaille le chaoineadh tiamhaidh à Inis Tìle, às a’ Ghraonlann agus fiùs Arctaig Chanada, an tòir air deagh iasgach, a’ dol am measg nan Sìoltan-dhearg agus na Colcain a tha fuireach an seo.

Ann a bhith coiseachd tarsainn a’ mhonaidh dh’fhaodadh tu eagal a chur air corra Naosg no Coileach-coille, cèilichean eile à Nirribhidh agus Inis Tìle, a’ gabhail brath air geamhraidhean beagan nas blàithe. Abair bith dè an ràith, tha mòran ri fhaicinn an seo agus tha mòran fhathast ri fhaighinn a-mach mun eunlaith. Le sin cuidich le clàradh na chì thu.

Loading