Rubh’ an Dùnain
Rannsaich am baile caillte Sgitheanach seo
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Lusan is ainmhidhean

Stephen BungardLeis an Dr Stephen Bungard

’S e an Dr Stephen Bungard an neach-clàraidh oifigeil aig Comann Luibh-eòlasach Bhreatainn agus Èirinn airson VC104, no mar as fheàrr a dh’aithnichear e - An t-Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus na h-Eileanan Beaga. ’S e a sgrìobh A Flora of Raasay and Rona agus Clàr nan Lusan Tearc airson VC104. Tha e a’ sgrìobhadh deagh bhlog cuideachd.

 

Coimhead a-mach airson annas taobh an loch

Bho mogairlein gu daolagan mogairlein, tha lusan Rubh’ an Dùnain coltach ri na gheibhear air rubhannan ìosal an Eilein Sgitheanaich – beartach a thaobh dath, seòrsa, ùidh agus daonnan ma dh’fhaodte gun nochd rudeigin ùr.

Am measg nan seòrsachan suaicheanta tha Ceud-bhileach (Centaurium erythraea) nach eil cumanta san Eilean Sgitheanach ach nach eil uair sam bith fada bhon chladach, agus Cuiseag Dhosach (Koeleria macrantha) nach fhaicear cha mhòr uair sam bith san Eilean Sgitheanach ach air a’ chost an iar, ged a tha i nas bitheanta sna h-Eileanan Beaga. Chan eil cunntas oifigeil air muran a bhith aig Camas a’ Mhurain, ach ma dh’fhaodte gu bheil feum air sgrùdadh nas fheàrr airson a lorg.

Cha deach Snàth-lus Camagach (Ruppia cirrhosa) a lorg an àite sam bith san Eilean Sgitheanach ach aig Loch na h-Àirde. Chaidh a lorg maille ri Snàth-lus Mara (R. maritima) a tha glè chàirdeach dha ach a tha nas cumanta sa sgìre ged a tha e fhathast tearc. Ach an dèidh sgrùdadh bho chionn ghoirid air seòrsachadh lusan a chur beagan sgleò air an diofar eatorra, ’s dòcha gu feumar sùil eile a thoirt orra.

An seo cuideachd bu chòir gu lorgadh tu Sèisg Rèisg Ghort (Blysmus rufus), Bròbh (Bolboschoenus maritimus), Bioran Caol (Eleocharis uniglumis),Lus na Peighinn (Hydrocotyle vulgaris), Cochall (Scutellaria galericulata), Bàrr a’ Mhilltich Mara (Triglochin maritima) agus dà lus àrd anns an uisge no faisg air – Cuilc (Phragmites australis) agus Luachair Bhogain (Schoenoplectus tabernaemontani).

Heath spotted orchidAnn an àiteachan bog faisg air Càrn Mòr tha Lus a’ Ghadmainn (Drosera anglica) agus Lus nam Balgan Beaga (Utricularia minor) a’ fàs, agus fada chun iar tha Mòthan Beag Bàn (Pinguicula lusitanica) a’ fàs.

San Ògmhios agus san Iuchair tha blàth air grunn sheòrsachan mogairlein - Mogairlean Mòintich, (Dactylorhiza maculata), Mogairlean Lèana (D. incarnata) agus Mogairlean Purpaidh (D. purpurella). Cha bhi blàth air a’ Mhogairlean Lèana gus mu dheireadh na h-Ògmhios, ach faodaidh blàth a bhith air a’ Mhogairlean Mòintich (as an dealbh) deagh ùine, le blàth air cuid dhiubh cho tràth ris a’ Ghiblein agus air cuid eile cho fada dhan bhliadhna ri Sultain.

Timcheall nan cladaichean tha e comasach lorg fhaighinn air Meas an Tuirc Coille (Hypericum androsaemum), Sunais (Ligusticum scoticum), Dàtha Bàn Iteadha (Oenanthe crocata) a tha cho puinnseanta agus Peasair Shearbh (Vicia orobus) a tha cho tearc air feadh na dùthcha.

Ann an àiteachan nas tioram faodar Cas an Uain (Anthyllis vulneraria) a lorg, Lus na Mìos (Botrychium lunaria) a tha cho beag is cho coltach ri raineach agus Mungan Mòintich (Sagina subulata).

Cha deach sgrùdadh a dhèanamh fhathast air còinnich no air lusan an àirneig, co-dhiù aig ceann a-muigh an leth-eilein, ged a tha corra iomradh ann air fungasan coprophilous agus crotal. Thathar an dòchas sgrùdadh a dhèanamh air còinnich agus lusan an àirneig ann an 2015 no 2016.

Tha caochladh sheòrsachan feamainn ris a’ chladach, a’ mhòrchuid dhiubh bàrr dearg no feamainn donn. ’S dòcha gu bheil an fheamainn choimheach Codium fragile ris an canar green sea fingers no dead man's fingers sa Bheurla a’ feitheamh ri lorg, chionns gu bheil i a’ sgapadh timcheall an eilein.

Fiadh-bheathaichean

Faodar ròin, biastan-dubha, agus, as t-samhradh, cearbain agus fiùs corra mhuc-mhara fhaicinn sa mhuir timcheall Rubh’ an Dùnain.

Air tìr chithear an ìre mhath tricrabaidean no fianais air rabaidean ach faodar losgainn, muileacha-màg, fèidh, madaidhean-ruadha, famhalain agus asgain fhaicinn cuideachd. Chithear laghairtean air làithean blàtha samhraidh.

Tha cunntas mionaideach air eòin mhara an seo. Nam measg tha sgairbh agus sgairbh an sgumain, faoileagan, gillean-Brìghde agus eòin tràghad bheaga. Air a’ mhòintich tha gocain, gealain-beinne, cuthagan agus uiseagan rim faicinn agus rin cluinntinn. Tha curracagan, naoisg, guilbnich agus ceileirichean uile air an clàradh ann agus, ma tha thu fortanach, dh’fhaodadh tu sealladh fhaighinn air an iolair-bhuidhe no an iolair-mhara no co-dhiù clamhan no dhà.

Tha ceithir seòrsachan èisg a thig beò ann an uisge meirealach air a bhith air an lorg ann an Loch na h-Àirde – easgann, lèabag, iasg-deilgneach agus creagag-uisge.

Tha meanbh-fhrìdean pailt as t-samhradh – seillein, dealain-dè, leòmainn, tairbh-nathrach, cuileagan nan cruinneag agus daolagan. Chaidh Daolag Mogairlein fhaicinn an seo; bidh na h-inbhich ann bhon Chèitean, a’ tadhal air flùraichean nuair a tha an t-sìde blàth. Tha an Gathair Cumanta agus an Gathair Gàidhealach rim faicinn aig Loch na h-Àirde.

Tha dachaidh aig grunn sheòrsachan èisg is sligich, echinoderman agus molascan is gu leòr eile anns a’ chladach, gu h-àraid ma tha an làn air lochan creige a lìonadh. Tha spùtachain-mara, spongan, seilcheagan-mara, ainmhidhean còinnich, cìochagan-tràghad, agus sgeoldairean uile a’ fuireach san àrainneachd bheartaich a th’air na cladaichean.

Tha mòran eile ri lorg ann. Mar eisimpleir a thaobh nan artropodan talamhaidh tha aon ceud-chasach agus aon fhogharaiche air an clàradh ach cha d’fhuaras lorg air seangain no cailleachan-chòsag idir.

Loading