Rubh’ an Dùnain
Rannsaich am baile caillte Sgitheanach seo
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Arc-eòlas

Martin WildgooseLe Màrtainn Wildgoose

Tha Màrtainn à Siorrachd Derby agus rinn e arc-eòlas aig Oilthigh Sheffield. Choisinn e a’ bhòt airson Arc-eòlaiche Neo-dhreuchdail na Bliadhna ann an 1986. An ath bhliadhna ghluais e fhèin agus a bhean dhan Eilean Sgitheanach, a’ dèanamh iomlaid eadar obair fearainn agus sgrùdadh agus clàradh cruth na tìre.

Eadar 2002 agus 2010 bha e na cho-stiùiriche air an cladhach arc-eòlas a rinneadh aig Uaimhean an Àrd Achaidh agus Fiosgabhaig. Ged a tha e nise air a dhreuchd a leigeil dheth tha arc-eòlas agus an t-Eilean Sgitheanach fhathast a’ còrdadh gu mòr ris.

 

Taigh-tasgaidh ann an Cruth na Tìre

Do arc-eòlaiche, ’s e turas air ais ann an tìm a th’ anns a’ chuairt bho Gleann Bhreadail gu Rubh’ an Dùnain. Aon uair is gu bheil cùl air a chur ris a’ ghàrradh mhòr aig an t-Slochd Dhubh, tha fianais air an t-sealbh a ghabh daoine air an sgìre seo dhen Eilean Sgitheanach nochdte air aghaidh na tìre, bhon chiad tuineachadh a rinneadh goirid an dèidh do na siotachan deighe mu dheireadh leaghadh gu àm Fuadaichean na naoidheamh linn deug.

Don arc-eòlaiche agus don neach-tadhail aig a bheil ùidh, tha Rubh’ an Dùnain a’ tairgsinn eòlas air mean-fhàs cruth-tìre sònraichte – cruth-tìre a tha air a bhith air atharrachadh agus air a smachdachadh gu bhith freagarrach do dhiofar luchd-tuineachaidh, cruth-tìre far a bheil dachaighean, pàtrain nan geàrraidhean agus àiteachan-adhlacaidh nan carraighean follaiseach.

B ’e a’ chiad daoine a chur ùine seachad an seo buidhnean de shealgairean-luchd-trusaidh (8000-4000RC) a bhiodh a’ siubhal tro eileanan costa an iar na h-Alba air cuairt ràitheil an tòir air biadh agus goireasan leis an dèanadh iad innealan.

Ma dh’fhaodte gur e làrach a chaidh a chladhach aig Ceann Loch air Eilean Ruma eadar 1984 agus 1986*, dìreach latha seòlaidh air falbh chun iar-thuath, an t-àite anns am biodh na tùsairean tràth seo a’ geamhrachadh. Bha iomadh inneal cloiche agus an sprùilleach a bha an lùib an dèanamh, ann am fasgadh beag sa chreig aig Rubh’ an Dùnain, a chaidh a chladhach am pàirt ann an 1932 le W Lindsay Scott** – fianais gum biodh daoine a’ tadhal agus ag ath-thadhal air an àite thairis air an ùine seo.

Linn Ùr na Cloiche

Nas fhaide air adhart, rè Linn Ùr na Cloiche (4000-2300 RC) chaidh tuam seòmarach (a chaidh a chladhach le Lindsay Scott ann an 1932) a thogail air a’ mhullach aig ceann an iar Loch na h-Àirde, a’ cur ri beachd gur dòcha gu robh coimhearsnachd a bha ri tuathanachas a-nise stèidhichte san sgìre mun cuairt. Chaidh biceir agus iomadh inneal ailbhinn a lorg anns an tuam.

Tha e coltach gun do mhair a’ choimhearsnachd seo a-steach do Linn an Umha (2300-700RC) oir tha càrn nas lugha, mu 50 meatair an iar air balla an achaidh, a’ sealltainn gun do lean an cleachdadh a bhith tiodhlacadh dhaoine san sgìre seo. A bharrachd air na carraighean tiodhlacaidh, chaidh làraich thaighean cruinn, a thathar a’ smaoineachadh a bhuineas don àm seo, a lorg faisg air làimh.

Linn an Iarainn

Rè Linn an Iarainn a lean (700BC-450AD), chaidh balla dìon mòr, làidir a thogail tarsainn air gob an rubha, a’ cruthachadh ceàrnaidh bheag a ghabhadh dìon air oir na creige, a’ cur ri beachd gun do lean daoine orra a’ fuireach an seo gu amannan ’s dòcha nach robh cho sìtheil. Aig an àm seo, anns an àite-dìon seo, bha bùth-obrach as an robh teinntean airson goibhneachd agus sprùilleach obair iarainn. Thàinig seo am follais nuair a bhathar a’ cladhach ann an 1932.

Lochlannaich

Chan eil carraighean bho tràth linntean nan Crìosdaidhean no àm nan Lochlannach follaiseach air an rubha. Ach tha e coltach gu do lean daoine orra a’ fuireach agus ag obair an seo oir chaidh gàrradh bhàtaichean agus acarsaid fhasgach a thogail ann an Loch na h-Àirde, a bha aig an àm seo air a cheangal ris a’ mhuir le canàl.

Tha e coltach gu bheil ceangal eadar na leasachaidhean seo agus an ceangal a bh’ aig Clann ’Ic Asgaill ris an rubha bhon dàrna linn deug. Bha iad nan luchd-dìon na mara aig Clann ’ic Leòid, a’ dìon na slighean mara deas air an Eilean Sgitheanach. Nas fhaide air adhart, b’ ann aca a bha taca Rubh’ an Dùnain agus tha làrach Taigh an Fhir-taca, air a dheagh ghlèidheadh bhon ochdamh linn deug, ri fhaicinn fhathast mar a tha làraich thaighean na coimhearsnachd mun cuairt.

Thug Fuadaichean na naoidheamh linn deug beatha na coimhearsnachd air Rubh’ an Dùnain gu crìch, le mòran de Chloinn ’ic Asgaill a’ falbh do Charolina ann an Ameireagaidh agus do dh’ Alba Nuadh.

Chan eil àite eile air cost an iar na h-Alba a tha cho furasta faighinn thuige agus far am faicear raon de charraighean a tha soilleireachadh eachdraidh an àite, co-dhiù thathar airson sgrùdadh a dhèanamh a thaobh an dàimh a bha eadar tuathanach agus an àrainneachd mun cuairt air, an dàimh eadar triath agus a mhuinntir, no an dòigh anns an robh gàrradh bhàtaichean ùr-ghnàthach ag obrachadh. Tha an acarsaid, na laimrigean càraidh, na togalaichean a bha dol leotha agus an canàl air an tigeadh na bàtaichean ann, uile a’ feitheamh ri sgrùdadh.

Tha mòran eachdraidh taisgte air Rubh’ an Dùnain a’ feitheamh ri sgrùdadh. Leugh loidhne-tìm ghoirid air an eachdraidh sin an seo.

Tùsan eile


Notaichean

* Wickham-Jones, C R (1990a) Rhum: Mesolithic and later sites at Kinloch, Proc Soc Antiq Scot Monograph Series, 7 Edinburgh

** Scott, W L (1934b) ‘Excavation of Rudh an Dùnain Cave, Skye’, Proc Soc Antiq Scot, Vol 68 page(s): 200-223

Loading