Rubh’ an Dùnain
Rannsaich am baile caillte Sgitheanach seo
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Na Fuadaichean

The Isle of Skye became the property of several proprietors, who, in the four decades following 1840, would serve 1740 writs of removal, involving nearly 40,000 people all of whom, whether they were removed or not, had to pay 10 shlllings for the cost of the summonses against them.

Iain Prebble, The Highland Clearances (1963).

Tha e doirbh cunntas eachdraidheil sam bith mu na Fuadaichean a leughadh gun faireachdainn eas-creideamh gun dèanadh daoine à dùthaich cho sìobhalta agus cho math dheth aig an àm a leithid de dh’ ana-ceartas brùideil air am muinntir fhèin, gu mòran co-fhaireachdainn rin càs.

Na FuadaicheanTha cuid de dh’ arc-eòlaichean a’ cumail a-mach, aig toiseach na naoidheamh linn deug, gu robh daoine air a bhith a’ fuireach air Rubh’ an Dùnain ‘s dòcha airson 6000 no 7000 bliadhna. Tha fianais ann bhon Linn Ro-eachdraidheil, bho Linn Ùr na Cloiche, bho Linn an Umha agus Linn an Iarainn, agus fianais gu robh luchd-còmhnaidh ann tràth agus anmoch sna meadhan-aoisean. Bha buaidh aig atharrachadh na sìde thairis air na linntean air dòigh-beatha, coimhearsnachd agus cultar. Fhuair na daoine thairis air spuinneadairean-mara, creachadairean agus cogaidhean am measg chinnidhean. Ach aig a’ cheann thall b’ e sannt agus brùidealachd mac an duine a sgiùrs gach mac is màthar bhon rubha.

Tha coire ri chuir air mòran; na h-uachdarain aig an robh fearann, nam measg na ceann-cinnidhean a bu chòir a bhith air cùram an daoine fhèin a ghabhail; na bàillidhean, na fir-taca agus na h-àidseantan a bha a’ coimhead air atharrachadh mar leasachadh a bhiodh math dhaibh fhèin; luchd-poilitigs le mòran uaislean nam measg, agus an Eaglais, a bha aig toiseach troimh-a-chèile, ach gu ìre mhòr a sheas air ais is a leig le cùisean tachairt.

Tha teisteanas air àmhghar nan Gàidheal a chaidh fhuadach ri fhaotainn ann an iomadh òran is bàrdachd. ’S e glè bheag dhe na bh’ aca a tha air fhàgail an-diugh air Rubh‘ an Dùnain, no ann an Suidhisnis, am Boraraig, no an Tongadal, no an iomadh baile fàs eile san Eilean Sgitheanach, anns na h-Eileanan an Iar agus an iomadh sgìre air tìr mòr na Gàidhealtachd.

Tionndadh eile

Dh’atharraich cùrsa eachdraidh na h-Alba nuair a chaill na Seumasaich aig Blàr Chùil Lodair ann an 1746. As a dhèidh thàinig iomadh atharrachadh a thaobh poilitigs agus eaconamas a thug buaidh mhaireannach air dòigh-beatha nan Gàidheal. Chaidh oighreachdan a thoirt bho cheannardan nan Seumasach, is chaill iomadh ceann-cinnidh a chumhachd. Bha an t-èideadh Gàidhealach air a chasg.

Ach b’ e atharrachadh air àiteachas an fhearainn, agus gu h-àraid am fàs a thàinig air tuathanais chaorach, a’ tòiseachadh mu 15 bliadhna an dèidh Chùil Lodair, ’s dòcha aig an robh a’ bhuaidh bu mhotha. An àite tuathanachas stèidhichte air crodh Gàidhealach bha fèill a-nis air caoraich, air feòil agus clòimh bho chaoraich dhubh-cheannach agus, an ceann ùine, bho chaoraich Cheviot.

Le miann airgid bha cinn-cinnidh agus uachdarain air màil àrdachadh gu mòr air màladairean a bha fulang bho na modhan ùra a bha a’ cur às don t-seann siostam àiteachais, le pàircean mòra a’ dol nan àite. Eu-comasach air na màil a phàigheadh, thòisich daoine a’ falbh a dh’ Ameireagaidh. Ghluais cuid eile gu na costaichean airson iasgach. Chaidh cuid dhan arm agus chaidh gu leòr do bhailtean na Galldachd far an robh, mar thoradh air bochdainn, àmhghair gu leòr a’ feitheamh orra.

Fuadaichean

Cha b’ fhada gus an do thuig uachdarain agus am bàillidhean gu robh tuathanachas chaorach gu math na bu phrothaidiche na bhith feuchainn ri màl a thoirt bho dhaoine bochda. Thòisich iad air na daoine fhuadach à bailtean fearainn is srathan gus talamh a shaoradh airson treudan chaorach.

Anns an Eilean Sgitheanach bha na bàillidhean aig Clann Dòmhnaill agus aig na Leòdaich dealasach nan obair. Ann an 1769 dh’ fhàg a h-uile màladair a bh’ air fearann Chloinn Dòmhnaill ann an Slèite agus b’ fheudar don uachdaran daoine eile a thoirt a-staigh bhon mhòr-thìr. Anns an dusan bliadhna suas gu 1775 thathar a’ meas gun deach 20,000 neach a-null thairis. Sheòl 54 bàta eilthireach bho thaobh an iar na h-Alba ann an aon bhliadhna a-mhàin.

Thàinig beagan faochaidh mu thoiseach na naoidheamh linn deug le obair na ceilp, a bha feumach air luchd-obrach. Thàinig fàs air bailtean ri linn, mar a thàinig air an àireamh dhaoine. Ach cha do mhair an obair agus le droch bhàrr aca tric chan eil e na iongnadh gun do chaill daoine am misneachd.

B’ e am fear-tac Coinneach MacAsgaill –“Old Rhu” – a thug a’ chiad àireamh shusbainteach de chaoraich gu Rubh’ an Dùnain, faisg air toiseach na naoidheamh linn deug. Ron àm seo bha tuathanas Rubh’ an Dùnain air a dhol còmhla ri tac na dhà eile, a’ sìneadh a-null thairis air mòran de Ghleann Breadail, cho fada ri Càrbost, Trian agus Sàtran.

A’ bhuille dheireannach

B’ e beatha chruaidh a bh’ acasan a bh’ air fhàgail air an rubha. Ann an 1810 thug MacLeòid cead na màil a chur suas a thrì uiread. B’ e seo a’ bhuille dheireannach do cheannard Chloinn ’ic Asgaill. Chaidh Coinneach, a bhean, a theaghlach agus iomadh neach eile gu ruige Carolina a Tuath air bàta a dh’fhalbh à Loch Bhràcadail an ath bhliadhna. Ach cha do leig e seachad a chòir air Rubh‘ an Dùnain. Dh’ fhàg e manaidsear an urra ris agus thill e fhèin an ceann deich bliadhna.

Bhàsaich “Old Rhu” MacAsgaill ann an 1841 aig aois 79 agus chaidh a thiodhlacadh sa chladh an Aoineart. Ghabh a mhac, Dòmhnall, a bha na chuidiche aige mus deach e a Charolina, sealbh air Rubh’ an Dùnain. Ach b’ e seo àm gaiseadh a’ bhuntàta agus mu dheireadh thall, ann an 1847, chaidh e gu ruige Sealan Nuadh far an robh a bhràthair, Ailean, cheana. Dh’ fhàg a’ chlann eile an dùthaich cuideachd. Chaidh Uilleam a Chanada mar a chaidh a bhràithrean, Coinneach agus Alasdair, agus a phiuthar, Sìne.

Bha an taigh air Rubh’ an Dùnain agus na seann làraich a-nis a’ sìor dhol bhuaidhe. An ceann ùine ghabh fear a bha càirdeach dhan teaghlach, Ùisdean à Talaisgeir, thairis an tac, a’ fuireach san taigh bu mhotha aig Liasail, Taigh Ghleann Bhreadail an latha an-diugh.

A rèir cunntas-sluaigh 1841, bha Dòmhnall, a bhean, Colina, agus an teaghlach a’ fuireach ann an Taigh Rubh’ an Dùnain. An ceann deich bliadhna chan eil air àireamh as a’ chunntas-sluaigh ach an teaghlach aig aon bhuachaille. Ann an 1861 cha robh duine idir ann. Bha ath-leasachadh an fhearainn agus còirichean dha croitearan fhathast ri thighinn.

Bha Rubh’ an Dùnain falamh mar a tha e chun an latha an-diugh.

Tuilleadh Leughaidh

  • The People's Clearance Highland Emigration to British North America 1770-1815, J M Bumsted (Edinburgh University Press, 1982)
  • Go Listen to the Crofters, A. D Cameron (Acair, 1986)
  • On the Crofters Trail, David Craig (Jonathen Cape, 1990)
  • Scottish Emigration, Prof. Tom Devine (Edinburgh University Press, 1992)
  • Clearance and Improvement: Land, Power and People in Scotland 1700-1900, Prof Tom Devine, (John Donald, 2010)
  • For the People's Cause, James Hunter (editor, from the writings of John Murdoch) (HMSO, 1986)
  • A Dance Called America, James Hunter (Mainstream, 1982)
  • The History of the Highland Clearances, Alexander Mackenzie, 1883 (Amazon, Kindle)
  • Leaving Scotland, Mona McLeod (National Museums of Scotland, 1996)
  • John MacPherson – The Skye Martyr, G. W. MacPherson, (Skye Graphics, 1982 – out of print)
  • A History of the Highland Clearances, 2nd edition, Eric Richards, (Birlinn, 2013)
  • The Highland Clearances, John Prebble, (Penguin, 1982)

Tùsan eile

Loading