Rubh’ an Dùnain
Rannsaich am baile caillte Sgitheanach seo
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Eachdraidh meadhan-aoiseil

Na maraichean

Bha an dùn air Rubh’ an Dùnain riatanach a thaobh mairsinneachd an luchd-còmhnaidh – a’ dìon acarsaid shàbhailte agus an uairsin a’ geàird caladh cho sònraichte ’s a bh’ anns an dùthaich.

A’ cleachdadh einnseanaireachd soifiostaigeach, chruthaich iad canàl fada a’ dol a dh’ionnsaigh an loch a-staigh, le laimrigean air an t-slighe agus cidheachan air bruaichean na luich far am faodadh birlinnean ceangal gu sàbhailte. Tha arc-eòlaichean cuideachd a’ bruidhinn air gàrradh airson bàtaichean a thogail agus birlinnean gan togail ann.

’S e obair mhòr a thug ùine a bha seo, ach bha feum air caladh sàbhailte air cladach cruaidh, cunnartach.

Bha smachd air na slighean mara anabarrach cudromach do dhaoine a bha an eisimeil a’ chuain agus bha birlinnean cogaidh sìos is suas costaichean a’ Chuain Shiair, an sàs ann an iomadh blàr aig muir.

Port trang

Dh’ fhàs Rubh’ an Dùnain gu bhith na phort trang agus na dhachaidh ùr do cheannard Lochlannach air an robh Asgall. Thàinig e fhèin agus a chabhlach ann an dèidh call ann an còmhstri mu cò aig am biodh smachd air Bail’ Ath Cliath. Bha Clann ’ic Asgaill air tighinn.

Le sealladh iongantach a-mach gu muir bho dhùn a bh’ air a togail as ùr, thàinig iad gu bhith nan luchd-faire do na Leòdaich, a’ dìon bho spùinneadairean-mara na bàtaichean a bha a’ giùlain bathar sòghail agus am fìon a b’ fheàrr gu uaislean nan eilean. Nuair a ghabh prìomh làithean nan spuinneadairean-mara seachad bha iad a’ faire crìochan a deas dùthaich MhicLeòid.

An ceann ùine bha còmhstri mu Rubh’ an Dùnain fhèin is e air a’ chrìch eadar fearann Chlann ’ic Leòid agus fearann nan Dòmhnallach a bh’ air am fearann an ceann a deas an eilein a chall.

Ach chùm Clann ’ic Asgaill an greim air an rubha. Bha iad dìleas do na Leòdaich agus bha sin cudromach dhaibh, a’ cumail taic riutha gu foghainteach agus gu h-èifeachdach.

B’ e Rubh’ an Dùnain an dachaigh agus bha iad airson a chumail mar sin. Ach an ceann 700 bliadhna thrèig iad e. Leugh tuilleadh.

Loading