Rubh’ an Dùnain
Rannsaich am baile caillte Sgitheanach seo
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Cuairt mas-fhìor

Meudaich am mapa eadar-ghnìomhach gus na 15 comharran-slighe air am faod thu cliogadh fhaicinn. Mas fheàrr leat faodaidh tu tòiseachadh leis a’ cheangal gu h-ìseal airson a dhol air a chuairt 13 cilemeatair san òrdugh cheart. Gabhaidh na h-ìomhaighean am meudachadh airson sgrùdadh nas fheàrr a dhèanamh orra. Tha na duilleagan air fad air an dealbh airson am faicinn air laptop, tablaid no smartfòn.

Tòisich a’ chuairt mas fhìor

1: Pàirce chàraichean - Toiseach/Deireadh

Glen Brittle beach and campsite

Pàirce chàraichean Ghleann Breadail ron làrach campachaidh. (NG410205). Fàg an càr air an làimh dheis aig toiseach na tràghad mus ruig thu inntrigeadh le cliath-chruidh a-steach don làrach campachaidh. Tha an tuilleadh fiosrachaidh air www.ukcampsite.co.uk.

Tha bùth bheag ann, a’ reic rudan èiseil. Air an tràigh tha a’ ghainmheach glas seach a bhith geal ach tha i glan agus bidh na h-uiread ris a dh’aindeoin dè an ìre aig a bheil an làn. Tha lochan- creige aig gach ceann. Bidh daoine dàna a’ gabhail fras bho aon de na h-easan a tha tighinn on Chuiltheann air bruaich an ear an loch mara.

Cattle grid entrance to Glen Brittle campsiteSignpost - Glen Brittle beachPark at the road end before entering the campsite

2: Loch Breadail

A’ coimhead an iar-dheas bho tràigh Ghlinn Breadail, tha an leth-eilean a’ sìneadh sìos taobh chlì an loch mara a dh’ionnsaigh Rubh’ an Dùnain fhèin. Tha Loch Breadail a’ tàladh bhiastan-dubha, ròin, pèileagan agus corra chearban. Ged a tha an loch a’ fàs domhain mean air mhean bi mothachail a thaobh gaothan làidir far na mara agus sruth làidir fon uisge nuair a tha an làn a’ dol a-mach.

Gabh seachad air an làrach campachaidh, air ceum taobh chlì nan taighean beaga agus coisich mar gum biodh tu a’ dèanamh air Coire Lagain. Lean ort air a’ cheum leathann a’ dol chun làimh dheis, a’ cumail Loch Breadail air do làimh dheis. Ma tha an t-sìde fàbharach, chì thu slios-shealladh de Chanaigh air fàire.

The headland of Rubh' an Dùnain from the beach.

3: Allt Coire Lagan

Tha sibh a-nis aig bun-chnuic cuid de na beanntan as riochdail san RA. Tha na ballachan mòra gabbro aig Sgùrr Dearg, Sgùrr Mhic Choinnich agus Sgùrr Alasdair (992m / 3256 troigh, as àirde sa Chuiltheann) timcheall air Coire Lagain. ’S e sealladh iongantach a th’ann.

A’ cumail an loch air ar làimh dheis tha sinn a’ gabhail an ceum leathann gu ruig sinn Allt Coire Lagain. Ma tha uisge trom air a bhith ann dh’fhaodadh an t-allt a bhith na leum agus e bhith do-dhèante faighinn tarsainn air.

Tha drochaid fhiodh astar beag sìos, agus an uairsin ’s fheàrr tilleadh chun cheum.

The bridge.Even the bridge needs care - especially after heavy rain

4: Sealladh air a’ Chuiltheann

Burn, Rubh' an Dunain peninsula

Mar tha sinn a’ leantainn oirnn faodaidh sinn mionaid a ghabhail airson stad agus coimhead air ais air an t-sealladh àlainn suas Gleann Breadail gu Bealach a’ Mhàim, slighe a ghabh iomadh dròbh chruidh gu ruige Sligeachan. Ro na Fuadaichean, tràth anns an naoidheamh linn deug, bha Rubh’ an Dùnain, mòran de Ghleann Breadail agus mòrchuid de dh’ Aoineairt air taobh thall an loch nan aon tuathanas aig Clann ’ic Asgaill.

Feumar a bhith faiceallach a’ dol tarsainn air uillt eile. Tha eas bhrèagha air tè dhiubh. Seall a-mach airson diofar sheòrsachan mhogairlein agus na Fasgadairean Mòra a tha air tighinn ann bho chionn ghoirid.

Caution! Allt Coire Lagan in spate can be dangerousTake time to look back and admire the towering peaksHeath Spotted-Orchid: one of several species that can be seenGreat Skuas will let you know if you are too close to a nesting site

5: An t-Slochd Dubh

The Slochd Dubh

An dèidh coiseachd mu uair a thìde, thèid sinn seachad air na creagan mara aig Rubha na Creige Mòire. Gabhaidh sinn an ceum chun làimh chlì mus ruig sinn an cnocan beag aig A’ Chreag Mhòr, agus dìridh sinn taobh an fhearainn gus a ruig sinn gàrradh cloiche a tha dol tarsainn air an leth-eilean far an robh briseadh nàdarra. Seo an t-Slochd Dhubh.

Tha beàrn sa ghàrradh a leigeas dhuinn leantainn oirnn, a’ cumail Creag Mhòr air an làimh dheis. Tha an ceum co-shìnte ris a’ ghàrradh airson greis agus an uairsin tha sinn a’ dol chun làimh dheis timcheall gualainn na Creige Mòire gus an nochd sealladh air Canaigh agus na h-Eileanan Beaga air thoiseach oirnn. Tha an talamh a’ cromadh a dh’ionnsaigh an rubha.

Keep to the left of the wall initially: look for the gap to cross throughOnce through the gap follow the rough track behind Creag MhorThe first glimpse of the headland with Canna in the distance

6: Abair Seallaidhean

Tha an talamh àrd a dh’ionnsaigh Carn Mòr air an làimh dheis airidh air cuairt bheag a ghabhail ann chionns gu bheil seallaidhean farsaing ann de làrach a’ bhaile, na h-Eileanan Beaga agus, air deagh latha, Barraigh agus na h-Eileanan Siar eile.

Le aon bhuille dhed shùil chì thu carson a bha an rubha seo cudromach mar àite sàbhailte airson fuireach is obair aig àm buaireis.

The Rubh' an Dunain dun with Canna and Rum on the horizonLooking down on the Tacksman's house with Rum on the horizon

7: Làrach Taigh an Fhir-tac

Ruins of Clan MacAskill clan chief house at Rubh' an Dunain, Isle of Skye

Tha sinn a’ leantainn oirnn sìos a’ bhruthach chun an loch bheag a tha ri faicinn pìos air falbh. Air an t-slighe tha sinn a’ stad airson sùil a thoirt air làrach an taighe aig triath Chloinn ’ic Asgaill. Chaidh an taigh fhàgail mu mheadhan na naoidheamh linn deug ach tha a làrach fhathast a’ seasamh a-mach ann am baile a bha uair air a dheagh àiteach.

Thoir sùil air an dealbh dhen taigh a rinn Daibhidh Roberts. (Image courtesy of Skye and Lochalsh Archive Centre, High Life Highland.)

Beag air bheag, chaidh an rubha fhalamhachadh ri linn nam Fuadaichean mar a dh’fhàg na màladairean bochda airson beath na b’ fheàrr a shireadh an Ameireagaidh, an Canada agus an Sealan Nuadh. An dèidh 400 bliadhna chaill Clann ’ic Asgaill sealbh air an fhearann.

Leugh tuilleadh eachdraidh

Watercolour reconstruction of Rubh’ an Dunain by David L. Roberts as it might have appeared in the mid-18th century.  Courtesy of Skye and Lochalsh Archive Centre, High Life Highland.Ruins of Tacksman's house at Rubh' an Dunain showing extent of surrounding cultivation and buildingsA sophisticated stone chimney lies exposedThe house's interior walls were clearly rendered

8: Dùn bho Linn an Iarainn

Bho cheann na taighe tha sinn a’ coiseachd sìos gu ruige ceann an ear Loch na h-Àirde, a’ seachnadh an talamh bog air an làimh chlì. Far a bheil an loch a’ ruighinn a’ chuain tha beagan dìreadh ri dhèanamh suas chun na làraich a tha toirt ainm dha Rubh’ an Dùnain.

Le sealladh 270 puing chun iar tha an Dùn air a thogail de chloich, le gailearaidhean taobh a-staigh nam ballachan agus leac ìosal air an taobh a-staigh. Cha deach a chladhach a-riamh agus tha beachd ann gu robh e aig aon àm tòrr na bu mhotha. ’S dòcha gu robhas ga chleachdadh airson comharra a dhèanamh a chitheadh iad an Eige - 27 cm gu deas. Chithear Barraigh às air latha soilleir.

Leugh tuilleadh arc-eòlais

The small iron age rock shelter bore traces of metal smeltingThe Dun has never been excavated

9: Canàl cloiche

Looking up the canal towards the loch

Bho gu h-àrd tha thu a’ coimhead sìos air a’ chanàl cloiche a tha dol eadar an loch agus a’ mhuir. Chan eil cus cinnteach mun arc-eòlas aige fhathast.

Chaidh pìos fiodh bàta a thoirt às an loch ann an 2000 agus chaidh a dhearbhadh gur ann bho 1100 AD a tha e. Tha grunn rannsachaidhean leantainneach air laimrigean a lorg fon uisge agus fianais airson grunn nòsan-luinge. Tha eòlaichean air a ràdh mu dheidhinn -“truly a multi-period and multi-functional site, for which the sea is the linking strand.”

Tha fianais làidir ann air làthaireachd nan Lochlannach ach chan eil cinnt fhathast an iad a thog an canàl - a tha air leth an Alba – airson frithealadh air gàrradh bhàtaichean tràth sna meadhan-aoisean. Agus cò a rinn an t-uidheam a tha cumail uisge an loch aig an aon ìre? Aon rud a tha soilleir, tha tòrr fhathast ri fhaighinn a-mach mu Loch na h-Àirde. Leugh tuilleadh

The stone canal from the air, showing on the right, the two boat docks or naustsThe entrance to the canal was carefully concealed from the seaArchaeologists map out the geography and dimensions of the canal

10: Làraich thaighean

Bhon chanàl tha sinn a’ dol dìreach chun iar a dh’ionnsaigh gob an rubha, a’ dol tro làraich cuid de na taighean a bh’ ann. Tha sealladh àlainn dhen Chuiltheann air an cùl.

Ro dheireadh na h-ochdamh linn deug bha an rubha na phàirt de thuathanas susbainteach a bha aig Clann ’ic Asgaill. Bha e a’ còmhdach mòran de dh’ Aoineart agus Gleann Breadail suas gu ruige an t- Abhainn Dearg. Bha eilean Shòaigh na phàirt dheth cuideachd.

Bha mòran àiteach ga dhèanamh air an rubha agus bha còrr air ceud màladair a’ còmhnaidh ann. Nuair a dh’fhalbh an ceann-feadhna mu dheireadh às ann an 1853 bha 37,500 acair san tuathanas agus bha 70 fear a’ toirt am bith-beò às. Leugh tuilleadh

Extensive crofting remains at the abandoned settlementEvidence of extensive habitation are scattered across the peninsula

11: Sealladh air an loch

Stad aig oir an iar an rubha airson sùil dheireannaich a thoirt air an dùn. Chan eil e doirbh tuigsinn carson a thagh na tràth dhaoine an t-àite seo airson daingneach a thogail ann. Tha sealladh 270 puing aig an dùn air a’ chosta. Le buille dhed shùil chì thu Caolas Shòaigh air fhad. Chì thu thairis air an t-seachd mile a tha eadar an rubha agus Canaigh agus a-null chun na h-Eileanan a-staigh. Chì thu càil sam bith a tha dol deas bho Loch Aoineart agus seachad air.

Chan e a-mhàin gu faiceadh muinntir an dùin dè bha tighinn. Bhiodh iad fhèin air am faicinn cuideachd, rabhadh dhaibhsan a bha tighinn faisg. A bharrachd air an sin, bha an dùn na chomharra air far am faigheadh tu a-steach do chaladh agus do chomraich Loch na h-Àirde.

Looking west over Loch na h-Airde and the canal, Rubh' an DunainLoch na h-Airde and man-made canal to the sea, thought to be of Viking originMany more timbers may lie buried in the loch's silty bottom

12: Sealladh bhon mhuir

Picture courtesy of Glasgow University Sea Kayak Club

Aig fìor ghob an rubha tha sinn a’ beachdachadh air an t-sealladh bho thaobh na mara. Tha am prìomh ìomhaigh a’ sealltainn dealbh de Rubh’ an Dùnain air a thogail bho kayak aig muir agus tha e a’ sealltainn cho furasta ’s a bhiodh e bàtaichean fhalach bho bhàtaichean eile anns an loch agus aig na laimrigean. Tha an t-slighe a-steach falaichte gus a bheil thu gu math faisg air a’ chladach.

Rubh' an Dunain, Isle of Skye, from the Sound of Soay

13: Càrn Seòmarach

Deagh eisimpleir de thuam le trannsa bho Linn an Umha/Linn Ùr na Cloiche (2400 BC to 551 BC) Chaidh bìceir, sgrìobairean ailbhinn agus criomagan crèadhadaireachd a lorg innte.

Ged a chaidh mòran de na bh’ as an tuam a ghoid o chionn fhada, cnàmhan dhaoine ’s dòcha cuideachd, cuiridh na clachan, agus an sgil agus an dòigh mhionaideach as an deach an cleachdadh, iongnadh air duine. ’S dòcha gun tig barrachd am follais ri linn tuilleadh sgrùdaidh saidheansail.

Leugh tuilleadh

Leugh tuilleadh air làrach-lìn Comhairle Roinn na Gàidhealtachd

Impressive entrance wayWell-dressed stones may have been plundered for a later march wallNearby is a startling geological feature – a massive lava-flow pavement

14: Dol fodha na grèine air Canaigh

Tha an t-àm ann tilleadh dhachaidh, a’ dol gu tuath mun oir an iar aig Càrn Mòr gus an ceum a thogail. Tha an cladach cunnartach – cùm deagh astar os a chionn.

Tha am prìomh dhealbh a’ sealltainn bàta-iasgaich air a slighe dhachaidh à Canaigh a dh’ ionnsaigh an Eilein Sgitheanaich air feasgar samhraidh. Faodaidh sinn èisteachd feuch an cluinn sinn fuaim sgiathan naosg ann an ciaradh an fheasgair.

Cha bhi e tric gu tur dorch am meadhan an t-samhraidh san eilean.

15: An t-slighe dhachaidh

Loch Brittle from Rubh' an Dunain

Lean an rubha os cionn a’ chladaich far a bheil ceum fann air sgeilp eadar an cladach agus Creag Mhòr gus an ruig thu am prìomh cheum. Till an uairsin an taobh a thàinig thu gu cladach Ghlinn Bhreadail.

Keep left of Creag Mhor – the footpath is narrow
Loading