Rubh’ an Dùnain
Rannsaich am baile caillte Sgitheanach seo
English Gàidhlig
Rubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an Dùnain

Fàilte

Fàilte gu Rubh’ an Dùnain – leth-eilean eachdraidheil as an Eilean Sgitheanach air taobh siar na Gàidhealtachd.

Suidhichte aig bonn beanntan flathail A’ Chuilithinn, le seallaidhean farsaing gu eileanan Innse Gall, 's e àite iomallach a th’ ann an Rùbh’ an Dùnain, gu ìre mhòr falaichte bhon mhòr-shluagh airson còrr air ceud bliadhna.

An-diugh, an dèidh rannsachadh mionaideach le arc-eòlaichean agus luchd-saidheans, tha ùidh ann gu h-eadar-nàiseanta. Mu dheireadh thall tha fiosrachadh mun àite iomallach, iongantach seo a’ tòiseachadh ri tighinn am bàrr.

Gabh cuairt mas fhìor gus eòlas fhaighinn air eachdraidh a tha a’ còmhdach 5000 bliadhna, bho dhaoine a bha a’ fuireach ann an uamhan Linn Meadhanach na Cloiche gu ionnsaighean nan Lochlannach agus cogaidhean fuilteach am measg chinnidhean. Gheibh thu mach mu arc-eòlas ro-eachdraidheil agus daingnichean bho Linn an Iarainn. Chì thu na th’ air fhàgail de choimhearsnachd anns an robh tuathanaich bheothail agus cuiridh canàl dìomhair, air a lìnigeadh le clachan, iongnadh ort.

Gheibh thu fiosrachadh mun rannsachadh as ùire bho arc-eòlaichean, luchd eachdraidh agus sgoilearan eile. Tha an earrainn air eachdraidh ag innse carson a tha an leth-eilean seo cho cudromach do Chlann ‘Ic Asgaill air feadh an t-saoghail mar an dachaigh dhùthchasach. Chaidh a’ chuid mu dheireadh dhiubh fhuadach bhon fhearann ann an 1853 airson àite a dhèanamh dha caoraich. Chaidh mòran dhiubh a dh’ Ameireagaidh a Tuath, gu h-àraid gu ruige Carolina agus Alba Nuadh.

Abair bith càite bheil thu thig còmhla rinn an-dràsta – air PC, tablet no fòn – is sinn gad threòrachadh tron àite tarraingeach seo. Bidh an làrach air fad ann an Gàidhlig cuideachd an ceann ùine nach bi fada.

Cuairt mas fhìor

Cuairt mas fhìor

Rannsaich an sgìre a’ cleachdadh mapa eadar-ghnìomhach, dealbhan agus dealbhan beò

Ceistean air fhàgail

Ceistean air fhàgail

Cò bha a’ fuireach an seo; cò às a thàinig iad; dè dh’fhàg iad againn?

Loading