Rubh’ an Dùnain
Rannsaich làrach eachdraidheil Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

An-diugh

[Rubh’ an Dùnain] is . . . an open time-capsule waiting to be examined

– Martin Wildgoose,
arc-eòlaiche Sgitheanach

A’ cur an t-sìl airson coimhearsnachd ùr

Air a dhìon gu foirmeil mar Charragh Eachdraidheil le Riaghaltas na h-Alba ann an 2017, tha Rubh’ an Dùnain a’ leantainn air a’ togail ùidh gu h-eadar-nàiseanta. Tha luchd-eachdraidh, arc-eòlaichean agus oileanaich a tha a’ sgrùdadh dualchas Gàidhealach agus Ceilteach, a bharrachd air mòr-shluagh feòrachail, airson an tuilleadh tuigse fhaighinn air an àite dhìomhair, tharraingeach seo.

 

Tha arc-eòlaichean a’ creidsinn gu robh daoine a’ fuireach air an làraich seo, a tha an-diugh fàs, airson faisg air còig mìle bliadhna, suas gu meadhan nan 1800an. Tha an dìorrasachd, an t-eòlas agus an leantalachd aig eòlaichean leithid Roger Miket, Adam Welfare, Martin Wildgoose agus an Dr Daibhidh MacPhàidein air bunait sheasmhach de dh’fhiosrachadh a lìbhrigeadh, a tha nise airidh air an tuilleadh leasachaidh.

 

Anns an earainn seo, tha an Dr Cailean Màrtainn, an t-arc-eòlaiche mara ainmeil a tha air a bhith a’ stiùireadh an sgrùdaidh as ùìre aig an làraich, ag innse mu na
smuaintean as ùire a tha aig eòlaichean mun dealbh-tìre agus tha an Dr Ùisdean Cheape à Sabhal Mòr Ostaig a’ mìneachadh an t-àite a dh’fhaodas a bhith aig cànan agus cultar Gàidhlig ann a bhith a’ doimhneachadh ar tuigse air an t-seach-saoghal.


Mar a tha ùidh san Eilean Sgitheanach a’ fàs air feadh an t-saoghail, tha smuaintean ùra air am brosnachadh le Rubh’ an Dùnain. Tha
obair ealain ùr anns a bheil deilbhichean, luchd-camara agus luchd-ciùil bho cheithir dùthchannan gus a bhith air a chlàradh air film ann an 2019 aig àiteachan eadar-dhealaichte air an eilean, air an taghadh air sgàth ceangal eadar an caladh Lochlannach agus Rubh’ an Dùnain.


Tha faireachdainn làidir ann gum b’ urrainn do Rubh’ an Dùnain, gun duine ann an-diugh ach caoraich, an guilbneach agus an trìlleachan, fhathast a bhith na mheadhan air coimhearsnachd shoirbheachail a stèidheachadh - co-dhiù air-loidhne. Tha mòran eachdraidh, a’ dol air ais mìltean bhliadhnaichean, fhathast ri thighinn am bàrr ann. Tha e air a bhogadh ann an eachdraidh agus ann an cultar nan Gàidheal, nan Ceilteach agus nan Lochlannach. Tha àrainneachd nàdarrach fiadhaich ann agus seallaidhean-tìre gun choimeas. Tha iad uile a’ feitheamh air luchd-eachdraidh, luchd-saidheans, eòlaichean-nàdair agus sgoilearan den h-uile aois.


Tha an t-àm ann beachdachadh air àm ri teachd . . .


Leugh ciamar a chuidicheas tu le ath-thuineachadh Rubh’ an Dùnain


Loading