Rubh’ an Dùnain
Rannsaich làrach eachdraidheil Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an DùnainRubh’ an Dùnain

Fàilte

Fàilte gu Rubh’ an Dùnain – leth-eilean eachdraidheil gun choimeas air an Eilean Sgitheanach air taobh siar na h-Alba.

Suidhichte aig bonn beanntan iongantach a’ Chuilithinn, le seallaidhean farsaing a-null gu na h-Eileanan an Iar, tha Rubh’ an Dùnain iomallach, air falach bho shealladh a’ mhòr-shluaigh airson còrr air 160 bliadhna. An-diugh, an dèidh rannsachadh mionaideach le arc-eòlaichean agus luchd-saidheans, tha e air a bhith air a chlàradh mar fhear de na carraighean eachdraidheil as ùire ann an Alba, le ùidh aig daoine air feadh an t-saoghail ann. Agus am measg a mhòrachd agus aonranachd tha e a’ tòiseachadh air rùintean-dìomhair fhoillseachadh.

Gabh ar cuairt mas fhìor ach am faigh thu sealladh air eachdraidh 5000 bliadhna, a’dol air ais gu daoine a bha a’ fuireach ann an uamhan rè Linn Mheadhanach na Cloiche, Lochlannaich a ghabh sealbh air agus cogaidhean fuilteach nam fineachan. Rannsaich arc-eòlas ro-eachdraidheil agus daingnichean bho Linn an Iarainn. Faic na th’ air fhàgail de choimhearsnachd bheothail de luchd-àitich agus smaoinich mu chanàl a th’ air a lìnigeadh le clach a tha a’ dol chun na mara - mar a chunnacas cho soilleir ann an 2018 san t-sreath phrògraman aig a’ BhBC, Scotland from the Sky.

Ath-thuineachadh

Tha sgrìobhaichean ainmeil a’ beachdachadh air an rannsachadh as ùire. Tha an earrann air eachdraidh a’ foillseachadh carson a tha an leth-eilean cho fìor chudromach do Chloinn ’Ic Asgaill air feadh an t-saoghail mar an tìr dhùthchasach.

Agus a-nis, còig ginealaich an dèidh do na teaghlaichean mu dheireadh a bhith air am fuadach airson àite a dhèanamh do chaoraich, faodaidh tu pàirt a ghabhail ann am pròiseact inntinneach a tha ag amas air ath-thuineachadh a dhèanamh air an àite seo a bha uair cho beothail le coimhearsnachd ùr air-loidhne.

Cuairt mas fhìor

Cuairt mas fhìor

Rannsaich an sgìre a’ cleachdadh mapa eadar-ghnìomhach, dealbhan agus dealbhan beò

Ceistean air fhàgail

Ceistean air fhàgail

Cò bha a’ fuireach an seo; cò às a thàinig iad; dè dh’fhàg iad againn?

Loading